🎵
Buidheann Mo Chridhe Clann Ualrig by Mary Chapin Carpenter album cover

Buidheann Mo Chridhe Clann Ualrig

Mary Chapin Carpenter

Lyrics
Buidheann mo chridhe Clann-Ualraig
Bheireadh iad suas na h-iomainean.
Bheireadh iad crodh dhe na buailtean
'S chuireadh iad sluagh bho chinneachadh.
'S olc a fhuair sinn crodh nam baran,
Bodaich bheag' nam briogais gheala
Cha b' iad a b' urrainn air an fhalachd,
Ach fir Strath-Eireann 's Strath-Narrainn.
'S olc a fhuair sinn crodh nan Ròsach,
Is Clann-Chatain air an tòrachd,
Baran liath na coise breòite
'S air mo dhaoine-s' rinn iad feòlach.
'S a Chrò-chlach am Braigh Srath-Eireann,
Oidhche dhorch' air nach bu léir dhaibh,
'Cur nan saighdean ait a chéile,
Thuit mo leannan 's deich fir threuna.
Nuair a shaoil leam bhi gu uasal
Am bhean-taighe Achaluachrach
S ann a tha mi gu bochd, suarach
Bleoghann a chruidh feadh a bhuachair."